Gus a h-uile rud air an làrach-lìn seo a chleachdadh, cuir na briosgaidean air ann an roghainnean a’ bhrabhsair agad. Leugh mu carson is ciamar a chleachdas sinn briosgaidean.

Barrachd fiosrachaidh

Tha a h-uile nì an-seo an cois cunntais Microsoft

Tha an cunntas Microsoft agad a’ ceangal nan aplacaidean is seirbheisean Microsoft air fad agad ri chèile.Clàraich a-steach a stiùireadh a’ chunntais agad.

Brod nan gleus aig Microsoft

Faigh barrachd an-asgaidh is tu a’ clàradh a-steach leis a’ chunntas Microsoft agad.

Aplacaidean Microsoft 365

Faigh cothrom air tionndadh air loidhne an-asgaidh de Word, Outlook, Excel is PowerPoint.

5 GB de stòras san neul

Sàbhail na faidhlichean is dealbhan agad is faigh cothrom orra o uidheam sam bith àite sam bith.

Microsoft Rewards

Coisinn puingean air am faigh thu cairtean prèasaint, as urrainn dhut toirt do bhuidhnean neo-phrothaideach agus a-steach dhan chrannchur againn.

lìonra Xbox

Bheir an cunntas agad cothrom dhut air lìonra is coimhearsnachd Xbox.

Do thoil fhèin

Gabh smachd air an dàta agad le roghainnean prìobhaideachd as urrainn dhut gnàthachadh agus faigh molaidhean pearsantaichte o ghleus sgrùdadh a’ chunntais agad.

Fan tèarainte

Tagh roghainnean tèarainteachd is prìobhaideachd a tha iomchaidh dhut-sa agus bi d’ inntinn aig fois is sinne a’ cur caismeachdan thugad gu fèin-obrachail ma thachras dad amharasach no às an àbhaist.

Saor thu fhèin o na faclan-faire

Dèan an cunntas agad fiù nas tèarainte le clàradh a-steach gun fhacal-fhaire, ma thogras tu.

Aon àite airson gach rud a stiùireadh

Stiùirich an cunntas agad on aon deas-bhòrd, a’ gabhail a-staigh fiosrachadh pàighidh, ceannachdan, fo-sgrìobhaidhean is mòran a bharrachd.

Fan gun bhuaireas

Faigh cothrom air na h-aplacaidean, seirbheisean is geamannan Microsoft agad air fad leis an aon chunntas.Ge be dè, ge be càit, siuthad ma-thà.

Clàraich a-steach is siuthad

Nì pròifil a’ chunntais is na roghainnean agad sioncronachadh air feadh nan uidheaman agad. Ge be càit am bi thusa, bidh gach rud an-seo.

Lean ort far an robh thu roimhe

Thèid an dàta agad a shioncronachadh ris an neul gu fèin-obrachail airson ’s gum bi lethbhreac-glèidhidh dhen luchd-aithne, dhen mhìosachan is dhe na faidhlichean agad an-còmhnaidh, ge be dè an t-uidheam air a bheil thu.

Cùm nad theaghlach e

Cruthaich buidheann teaghlaich gun duilgheadas agus suidhich gleusan smachd nam pàrant mar chrìochan sgrìn-ùine is criathragan aplacaidean an-asgaidh le Microsoft Family Safety.
Tha an cunntas Microsoft agad a’ ceangal nan aplacaidean is seirbheisean Microsoft air fad agad ri chèile.

Ceist sam bith? Tha freagairtean againn

Cha leig thu leas post-d Microsoft airson cunntas Microsoft a bhith agadFaodaidh clàradh a-steach dhan chunntas Microsoft agad le seòladh puist-d Outlook.com, Hotmail.com, Gmail, Yahoo is solaraichean eile.Cruthaich cunntas Microsoft
Dh’fhaoidte gu bheil cunntas agad mu thràth’S urrainn dhut clàradh a-steach dhan PC Windows no Xbox agad no seirbheisean Microsoft mar Microsoft 365 le seòladh puist-d, ID Skype no àireamh fòn.Feuch a bheil cunntas Microsoft agam
Faigh cobhair leis a’ chunntas agadNa dhìochuimhnich thu an t-ainm-cleachdaiche no facal-faire agad? Tadhail air taic Microsoft airson cobhair is stiùireadh mun chunntas agad.Faigh cobhair